GIOBAIN

GIOBAIN, 52, a rag, a wretched ragged bedraggled creature.

 

GIOBULL, 117, old clothes, and an object of a man.

 

Tha gibean aig Dwelly, agus tha “poor ragged fellow” agus “person soaked through and dripping with rain” air an toirt seachad mar chiallan àireamhan còig is sia. Am measg nan ciallan eile tha hunch on the back, grease from the solan goose’s stomach (ann a Hiort) agus a kind of pudding. Chòrd am facal ri Maighstir Ailein, a chleachd e air feadh nan sgrìobhaidhean aige fhéin.

Tha e fhathast gu math cumanta (cho fad air falbh ri Leòdhas tha mi a’ tuigsinn), daonnan le beagan magaidh agus spòrs gus cur sìos air cuideigin le gàire. Nuair a chunnaic m’ athair an dealbh agam, thuirt e gun do ghabh mi faclan Mhaighstir Ailein gu tuilleadh ‘s a’ chòir litireil le creutair an àite duine.

Mhìnich té ann an Éirisgeigh dhomh gur e giobain “duine car fliuch salach a tighinn a-staigh o obair na rudeigin mar sin”. Chuir té eile a corrag air giobag, pìos salachair loirich stuigte ri beathach.

 

 

< Air ais | Air adhart >

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach