Òraid a’ Chomainn Rìoghail Cheiltich

Bidh mi a’ dèanamh òraid air loidhne mu Sly Cooking: 42 irresistible Gaelic words aig 7f, Diardaoin 17 Gearran air a cur air dòigh leis a’ Chomainn Rìoghail Cheilteach. Tha e saor ‘s an asgaidh (ach tha sibh làn dì-beathte beagan taic a chur thuca le Paypal). Chan eil agaibh ach clàradh aig info@royalcelticsociety.scot.

An robh facal a dhìth ort riamh air na deannan beaga duslaich a chì thu ann an gath grèine? Air a bhith a’ dinneadh rudeigin mòr a-staigh do tholl beag? Tha Sly Cooking ag ath-bheothachadh 42 facal iongantach a chruinnich Mgr Ailein Dòmhnallach (1859–1905) ann an Uibhist a-Deas ’s ann an Éirisgeigh. Bha Mgr Ailein ’na shagart, ’na bhàrd ’s ’na bheul-aithrisiche.

Chaidh na facail a chlò-bhualadh an toiseach ann an 1958, am measg nam mìltean fhaclan eile a thug Iain Latharna Caimbeul bho notaichean Mhaighstir Ailein ann an Gaelic Words and Expressions from South Uist and Eriskay. ’S mi air mo bheò-ghlacadh leis an fhaclaire seo, chuir mi romham an fheadhainn as fheàrr leam a thoirt beò a-rithist le leabhar beag làn ghearraidhean-lino.

Tha an leabhar ri cheannach bho Acair, ’s an ealain thùsail anns a’ bhùth Etsy agam. Tha mi ’n dòchas bhur faicinn air an 17mh!