Sly Cooking air TBh

Théid prògram uair a thìde a chraoladh air BBC Alba aig 9:00 uair feasgar Di-Luain 30 Dàmhair, anns am bi mi a’ sealltainn mar a chaidh mi an sàs anns a’ phroiseact Sly Cooking. Mar phàirt dhen t-sreath Trusadh, tha Mgr Ailein agus na Faclan a’ leantainn na sgrìob agam tro Éirisgeigh agus Uibhist a-Deas, agus mi a’ faighinn a-mach nas urrainn dhomh mu na faclan anns an leabhar agam, ‘s an uair sin a’ tilleadh dhan bothan a dh’obair air an ealain.

Chòrd e gu mòr rium agus sann ri linn a’ filmeadh a chaidh cuid mhath dhen fhiosrachadh ’s dhe na lorgan fuama a th’ air an làrach-lìn seo a chruinneachadh. Taing mhòr do MhacTV agus do Ruaraidh G Macilleathain, an stiùiriche, is do dh’Iain Eàirdsidh Mac a’ Mhaoilein, an co-phreasantair agam.