Dachaigh

An robh facal a dhìth ort riamh air na deannan beaga duslaich a chì thu ann an gath grèine? Air a bhith a’ dinneadh rudeigin mòr a-staigh do tholl beag? Tha Sly Cooking ag ath-bheothachadh 42 facal iongantach a chruinnich Mgr Ailein Dòmhnallach (1859–1905) ann an Uibhist a-Deas ’s ann an Éirisgeigh. Bha Mgr Ailein ’na shagart, ’na bhàrd ’s ’na bheul-aithrisiche.

Chaidh na facail a chlò-bhualadh an toiseach ann an 1958, am measg nam mìltean fhaclan eile a thug Iain Latharna Caimbeul bho notaichean Mhaighstir Ailein ann an Gaelic Words and Expressions from South Uist and Eriskay. ’S mi air mo bheò-ghlacadh leis an fhaclaire seo, chuir mi romham an fheadhainn as fheàrr leam a thoirt beò a-rithist le leabhar beag làn ghearraidhean-lino – Sly Cooking: 42 irresistible Gaelic words.

Beag air bheag dh’fhàs am pròiseact na bu mhotha. Cho math ri leabhar, chaidh e ’na thaisbeanadh ealain ’s ’na phrògram telebhisean. A-nis tha e ’na làrach-lìn cuideachd! Seo far am faigh thu fiosrachadh nas mionaidiche air gach facal a tha ann an Sly Cooking, agus tha thu làn dì-bheathte am fiosrachadh agad fhèin a chur ris.

Tha an leabhar ’s an ealain thùsail ri’n ceannach anns a’ bhùth Etsy agam, agus faodaidh sibh tuilleadh ionnsachadh mun obair ealain agam air www.black-prints.com. Tha mi ’n dòchas gun còrd i ruibh!


Catrìona Black

Facail

Feadhs gun robh e ’na shagart an Uibhist a-Deas ’s an Éirisgeigh (1884–1905), lìon Mgr Ailein deich leabhraichean-nota móra le facail, beul-aithris agus òrain bhon sgìre. Thug Iain Latharna Caimbeul 2,900 facal asta ann an 1958 agus chuir e air dòigh iad mar fhaclaire iongantach, Gaelic Words and Expressions from South Uist and Eriskay

Cruinneachadh Walter B Blaikie, le cead David R Kilpatrick, an t-Òban

Se na facail fodha an fheadhainn as fheàrr leam air fad: an 42 a chaidh a thaghadh airson Sly Cooking. Thagh mi iad a chionns gun tug iad orm gàire, neo stad is smaointinn. Chaidh mo ghlacadh gu sònraichte leis an fheadhainn mu bhoireannaich, co-dhiù bha iad moltach neo nach robh.

Is toil leam an fhealla-dhà a tha a’ ruith tron fhaclaire. Bidh thu a’ faireachdainn gu làidir gu bheil conaltradh a’ dol air adhart ann, agus torr tarraing ás; dh’fhàs mi cleachdte ris an dà rud nuair a bha mi ann an Uibhist a-Deas agus Éirisgeigh a’ deanamh rannsachaidh. Is toil leam an aire a tha air a toirt do rudan beaga bìodach agus mar a thathar a’ déiligeadh ann an dòigh cho prataigeach ’s cho saoghalta ris an t-saoghal os-nàdarra.

Cruinneachadh Walter B Blaikie, le cead David R Kilpatrick, an t-Òban

Ann an deasachadh an leabhar Sly Cooking, rinn mi na mìneachaidhean nas giorra gus an cumail tarraingeach, ach cha leig an sgoilear annam cùisean fhàgail aige sin, is mar siud tha mi a’ lìonadh nam beàrn leis an làrach-lìn seo. Aig bàrr na duilleig do gach facal, tha mi a’ toirt seachad a’ mhìneachaidh gu léir mar a tha ri leughadh ann an Gaelic Words and Expressions.

As déidh a’ mhìneachaidh, tha mi a’ toirt seachad nas urrainn dhomh faighinn a-mach, a’ gabhail a-steach lorgan-fuaim a chlàraich mi bho muinntir Uibhist a-Deas agus Éirisgeigh anns a’ Chéitein 2017. Far nach eil an luchd-labhairt eòlach air an fhacal, tha iad ga fhuaimneachadh a réir an litreachaidh.

’Nam measg tha: Màiri Thormoid (NicAonghais), Éirisgeigh; Catrìona Walker, Éirisgeigh; Dòmhnall Ruaraidh Caimbeul, Uibhist a-Deas; Coinneach Manson, Uibhist a-Deas; Iain Eàirdsidh Mac a’ Mhaoilein, Uibhist a-Deas; agus té eile bho Éirisgeigh nach robh airson a bhith air a h-ainmeachadh. Tha mi ’nan comain uile, agus cuideachd Liam Crouse o Cheòlas, airson na thabhainn iad.

Agus tha an còrr an urra riutsa: cha do rinn mi fhìn ach foileadh de rannsachadh. Ma tha barrachd fiosrachaidh agadsa mu na faclan, bu mhath leam cluinntinn bhuat anns a’ bhogsa fo na facail.

Agus an rud mu dheireadh – ma tha thusa, mar a bha mise, airson na facail fhaighinn air teangaidh, rinn mi cùrsa ann am Memrise far am faod thu sin fhéin a dhèanamh.

Briog air facal gus tuilleadh ionnsachadh:

ÀIBHEIS

ÀMHAILTEACH

ARRALACH

BÀSADAIR

BÌDEAG AN DUINE MHAIRBH

BILEAGACH

BLIANAS

BUIGLEAG

CABAG

CAOIBHLEAG

CAS-BHACAIG

CEASAD

CINNICHD

CIUTHACH

CLIAR-SHEANCHAIN

DLÒTH

EARRAIG

FEADARRAICH

FOILEAG

FORAGRADH

FORRADH

GEOINICHD-CINNEACH

GIOBAIN

GLAIGEIL

GOGADAICH

GÒSGLACH

GRÙDACH

IOLAGAN

MABLADH

MIONAGADANAN

PÌLL

PÌOBAIREAN NAN TOBHTAICHEAN

RIOBAG SHONAIS

RÒMHAN

RONG

SGAIRT FHUATHACH

SGIONC

SGÒRNAICH

SGROG

SMAIG

STORRADH

ÙSLAIG

 

Gearradh Lino

Se relief printmaking a th’ ann an gearradh lino, coltach ri gearradh fiodha, far am bi thu a’ gearradh pìosan lino air falbh le sgian shònraichte, agus a’ roladh inc air a’ chuid a tha air fhàgail mus brùth thu pàipear air gus priont a dhèanamh.  Chleachd Picasso agus Escher an dòigh-obrach seo, a thòisich anns a’ Ghearmailt aig toiseach na 20mh linn.

Thòisich mise a’ deanamh gearraidhean lino ann an 2013 fo ainm  Black Prints, agus bhon uair sin rinn mi na h-ìomhaighean airson Sly Cooking cho math ri iomadh sealladh canàil an Amsterdam (agus nas fhaide a-mach, far a bheil mi a’ fuireach). Tha na priontaichean seo a’ còrdadh ri mòran, agus ’s tric a bhios mi a’ faighinn comiseanan pearsanta cuideachd.

Ma tha ùidh agad san obair mar a tha i a’ dol air adhart bho latha gu latha ’s mi a’ deanamh priontaichean anns a’ bhothan agam, nach “like” thu an duilleag Facebook agam, Black Prints. Ma tha thu airson tuilleadh ionnsachadh mu dhòighean obrach gearradh-lino, tha a’ bhuidheann Facebook Linocut Friends ’na h-àite brosnachail le buill de gach chomas.  Agus ma tha thu airson tuilleadh dhen obair agamsa fhaicinn, nach toir thu sùil air an làrach-lìn Black Prints.

Naidheachd

Cothrom choimhead!

Tha mi air fiolm beag YouTube a dhèanamh gus sealltainn dhuibh mar a chlò-bhualaich mi na priontaichean Sly Cooking agam. An dòchas gun còrd e ribh!

Sly Cooking aig Gailearaidh Ghiogha

Tha an taisbeanadh agam, Sly Cooking, a’ coimhead eireachdail aig Gailearaidh Ghiogha, agus tha e fiùs air aire mhinistear rioghaltais na h-Alba Mhìcheil Ruiseil a tharraing! Bìdh mi a’ cumail sùil gu sònraichte geur air na h-òraidean aige sa’ phàrlamaid san àm ri teachd.